This site is a static archive. Visit the current IWW website at iww.org ▸
Skip to main content

Luchd-obrach Gnìomhachail an t-Saoghail Industrial Workers of the World (Gaelic Translation of the IWW Preamble)

Ro-ràdh - Preamble An Ro-ràdh aig Bun-reachd IWW Chan eil nì ann an cumantas eadar an clas-obrach agus an clas-fastaidh. Chan urrainn sìth a bhith ann cho fad ’s a tha acras agus dìth rin lorg air na milleanan de luchd-obrach agus ’s ann aig a’ chlas-fhastaidh a tha gach rud math ann am beatha. Cha bhi ach strì eadar an dà chlas seo gus an eagraich luchd-obrach an t-saoghail ri chèile mar chlas, a’ gabhail thairis air na dòighean-dèanaimh, a’ cur às don t-siostam-thurastail, agus a bhith beò ann an co-chòrdachd leis an Talamh. Aithnichidh sinn gu bheil stiùireadh nan gnìomhachasan aig àireamh de dhaoine a tha a’ sìor fhàs nas lugha agus nach tèid aig aonaidhean-ciùird air dèiligeadh ri cumhachd a’ chlas-fhastaidh is e a’ sìor fhàs nas motha. Tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cruthachadh suidheachadh far am bi pàirt den luchd-obrach a’ sabaid an aghaidh pàirt eile den luchd-obrach anns an aon ghnìomhachas, a’ dèanamh cinnteach gun caill a dhà dhiubh ann an cogaidhean tuarastail. Gu dearbh, tha na h-aonaidhean-ciùird a’ cuideachadh a’ chlas-fhastaidh gus an luchd-obrach a mhealladh gu bheil ùidhean aig a’ chlas-obrach ann an cumantas len luchd-fhastaidh. Chan urrainnear an càradh seo atharrachadh agus math an luchd-obrach a sheasamh ach le eagrachadh a tha air a dhèanamh air dòigh ’s gu bheil a h-uile ball a tha aige ann an gnìomhachas àraid, no anns a h-uile gnìomhachas ma tha e deatamach, a’ sgur a dh’obair uair sam bith a thachras stailc no às-ghlasadh ann an roinn sam bith den ghnìomhachas, a’ ciallachadh gur e leòn aoin leòn na h-uile. An àite na h-abairt shàbhailte, “Pàigheadh latha cothromach airson obair latha chothromach” ’s e a dh’fheumas sinn sgrìobhadh air ar bratach ach am sluagh-ghairm rèabhlaideach “Crìoch don t-siostam-thuarastail”. ’S e dleastanas eachdraidheil a’ chlas-obrach a bhith a’ cur às do chalpachas. Feumaidh airm an dèanaimh a bhith eagraichte, chan ann a-mhàin airson na strì làitheil ri calpairean, ach cuideachd gus dèanamh a chumail a’ dol às dèidh do chalpachas a bhith air a thilgeil sìos. Le a bhith ag eagrachadh gu gnìomhachail tha sinn a’ cruthachadh structar a’ chomainn-shòisealta ùir ann an slige an t-seann chomainn-shòisealta.